마가복음 2장 Scots Gaelic (Gospel of Mark)
Scots Gaelic (Gospel of Mark) · 스코틀랜드 게일어 · 마가복음 (Mark) · 28절
- 1 Agus thill e gu Capharnaum an ceann beagan laithean, agus chualas gun robh e aig an tigh.
- 2 Agus chruinnich na h-uimhir, 's nach robh aite aca eadhon timcheall an dorais, is labhair e am facal riutha.
- 3 Agus thainig iad ga ionnsuidh a toirt leo duine, air an robh am pairilis, air a ghiulan le ceathrar.
- 4 'Sa chionns nach b' urrainn dhaibh a chur 'na lathair le domhlachd an t-sluaigh, ruisg iad mullach an tighe far an robh e; 'S air dhaibh fosgladh a dhianamh, leig iad sios an leaba air an robh fear na crithe 'na laidhe.
- 5 'S nuair chunnaic Iosa an creideamh, thuirt e ri fear na crithe: A mhic, tha do pheacannan mathte dhut.
- 6 Ach bha cuid de na Sgriobhaich 'nan suidhe an sin, 'sa smaoineachadh 'nan cridheachan:
- 7 Carson a tha e a bruidhinn mar so? tha e labhairt blaisbheum. Co is urrainn peacannan a mhathadh, ach Dia 'na aonar?
- 8 Dh' aithnich Iosa san uair 'na spiorad fhein gun robh iad a smaoineachadh so aca fhein, is thuirt e riutha : Carson tha sibh a smaoineachadh nan nithean sin 'nur cridheachan?
- 9 Co dhiu is fhasa radh ri fear na crithe: Tha do pheacannan mathte dhut; no radh: Eirich, tog do leaba, agus coisich?
- 10 Ach los fios a bhith agaibh gu bheil comas aig Mac an duine peacannan a mhathadh air talamh (thuirt e ri fear na crithe,)
- 11 Tha mi ag radh riut: Eirich, tog do leaba, agus falbh dhachaigh.
- 12 Agus ghrad-dh' eirich e: 'sa togail a leaba, dh' fhalbh e 'nam fianuis uile; air chors gun do ghabh iad ioghnadh air fad, 's thug iad gloir do Dhia, ag radh: Chan fhaca sinn riamh a leithid so.
- 13 Is chaidh e mach a-rithist gu taobh na mara; agus thainig an sluagh uile ga ionnsuidh, is theagaisg e iad.
- 14 'S nuair a bha e gabhail seachad, chunnaic e Lebhi Mac Alpheuis 'na shuidhe an tigh na cise, is thuirt e ris: Lean mise. 'S ag eirigh, lean e e.
- 15 Agus thachair, nuair a bha e 'na shuidhe aig biadh 'na thigh-san, gun do shuidh moran chismhaor is pheacach maille ri Iosa agus a dheisciopuil: oir bha moran ann, a lean e.
- 16 Agus na Sgriobhaich 's na Phairisich a faicinn gun robh e ag ithe comhla ri cismhaoir agus peacaich, thuirt iad ri dheisciopuil: Carson a tha ur maighistir ag ithe 's ag ol comhla ri cismhaoir agus peacaich?
- 17 Air do Iosa so a chluinntinn, thuirt e riutha: Chan eil feum aig daoine slana air lighich, ach aig daoine tinne: oir cha tainig mi a ghairm nan naomh ach nam peacach.
- 18 Agus bha deisciopuil Eoin 's nam Phairiseach a trasgadh; agus thainig iad, is thuirt iad ris: Carson tha deisciopuil Eoin 's nan Phairiseach ri traisg, agus nach eil na deisciopuil agadsa ri traisg?
- 19 Is thuirt Iosa riutha: An urrainn clann na bainnse trasgadh, fhad sa bhitheas fear-na-bainnse comhla riutha? Fhad sa bhitheas fear-na-bainnse comhla riutha, chan urrainn dhaibh trasgadh.
- 20 Ach thig na laithean anns an toirear bhuatha fear-na-bainnse: agus an sin ni iad traisg anns na laithean sin.
- 21 Chan fhuaghail duine sam bith breid de dh' aodach ur air seann eideadh: air-neo bheir am breid ur a liad fhein as an t-seann aodach, is bithidh an stracadh nas mua.
- 22 Agus cha chuir duine sam bith fion ur ann an seann searragan: air-neo sgainidh am fion na searragan, is doirtear am fion, agus caillear na searragan: ach is coir fion ur a chur an searragan ura.
- 23 Is thachair a rithist, nuair a bha an Tighearna triall tro achaidhean arbhair air an t-sabaid, gun do theann a dheisciopuil, 's iad a gabhail air adhart, ri spioladh dhias.
- 24 Is thuirt na Phairisich ris: Seall, carson tha iad a dianamh air latha na sabaid ni nach eil ceadaichte?
- 25 Is thuirt e riutha: Nach do leugh sibh riamh, ciod a rinn Daibhidh, nuair a bha e feumach 's air acras, e fhein agus iadsan a bha cuideris?
- 26 Mar a chaidh e stigh do thigh Dhe ri linn Abiathair an t-ard-shagart, agus dh' ith e an t-aran-tairgse, nach robh ceadaichte itheadh, ach do na sagairt, agus thug e dhaibhsan a bha comhla ris ?
- 27 Is thuirt e riutha: Rinneadh an t-sabaid air son an duine, 's chan e an duine air son na sabaid.
- 28 Mar sin se Mac an duine Tighearna na sabaid fhein.
- 📚 Scots Gaelic (Gospel of Mark) 책 목록
- 개역개정판 (1998)로
- 개역한글판 (1961)로
- 표준새번역 (1993)로
- King James Version로
- KJV 와 나란히
- 🌐 다른 언어·판
Scots Gaelic (Gospel of Mark) — getbible.net(CrossWire SWORD 모듈)에서 가져옴 · 라이선스: 공개 도메인 (Public Domain) · 출처 ↗