마가복음 1장 Scots Gaelic (Gospel of Mark)
Scots Gaelic (Gospel of Mark) · 스코틀랜드 게일어 · 마가복음 (Mark) · 45절
- 1 T OISEACHD soisgeul Iosa Criosda, Mac Dhe.
- 2 Air reir 's mar tha e sgriobhte san fhaidh Isaias: seall, cuiridh mi m' aingeal roimh do ghnuis, a reiticheas do shlighe romhad.
- 3 Guth neach ag eigheach san fhasach: Reitichibh slighe an Tighearna, agus dianaibh a rathadain direach.
- 4 Bha Eoin anns an fhasach a baisteadh, 'sa searmonachadh baisteadh an aithreachais gu mathanas pheacannan.
- 5 Agus chaidh duthaich Iudea uile mach ga ionnsuidh, agus muinntir Ierusalem gu leir, is bhaisteadh iad leis ann an abhuinn Iordain ag aideachadh am peacannan.
- 6 Agus bha Eoin air eideadh le fionnadh chamhal, is crios leathair mu mheadhon; agus dh' ith e locuist is mil fhiadhaich. Agus shearmonaich e ag radh:
- 7 Tha fear nas cumhachdaiche na mise tighinn as mo dheigh: neach nach airidh mise air cromadh sios is barail a bhrogan fhuasgladh.
- 8 Bhaist mise sibh le uisge; ach baistidh esan sibh leis an Spiorad Naomh.
- 9 Is thachair, gun tainig Iosa anns na laithean sin bho Nasareth Ghalile; agus bhaisteadh e le Eoin ann an abhuinn Iordan.
- 10 'S air ball a direadh as an uisge, chunnaic e neamh fosgailte, 's an Spiorad mar chalman a tearnadh 'sa fantuinn air.
- 11 Agus thainig guth bho neamh : Is tusa mo Mhac gaolach, is mor mo thlachd dhiot.
- 12 Agus ghrad-ghreas an Spiorad e dhan fhasach.
- 13 Agus bha e san fhasach da-fhichead latha, agus da-fhichead oidhche; is bhuaireadh le Satan e; 's bha e comhla ris na h-ainmhidhean, agus bha na h-ainglean a frithealadh dha.
- 14 'S an deigh do dh' Eoin a bhith air a chuir an greim, thainig Iosa do Ghalile, a searmonachadh soisgeul rioghachd Dhe,
- 15 'S ag radh: Tha 'n t-am air a choimhlionadh, 's tha rioghachd Dhe aig laimh; deanaibh aithreachas, agus creidibh san t-soisgeul.
- 16 'Sa gabhail ri taobh muir Ghalile, chunnaic e Simon,agus Anndra a bhrathair, a cur lion sa mhuir (oir b' iasgairean iad.),
- 17 Agus thuirt Iosa riutha: Thigibh leanaibh mise, agus ni mi iasgairean dhaoine dhibh.
- 18 Agus ghrad dh' fhag iad na lin, is lean iad e.
- 19 'Sa gabhail as a sin ceum beag air adhart, chunnaic e Seumas mac Shebede agus Eoin a bhrathair, 's iad a caradh nan lion sa bhata:
- 20 Agus ghairm e iad san uair. 'Sa fagail an athar Sebede maille ris an luchd thuarasdail sa bhata, lean iad e.
- 21 Agus chaidh iad a stigh do Chapharnaum; agus air dha a dhol a stigh gun dail air na laithean sabaid dhan t-sinagog, theagaisg e iad.
- 22 Agus ghabh iad ioghnadh ri theagasg: oir bha e gan teagasg mar neach aig an robh cumhachd, 's chan ann mar na Sgriobhaich.
- 23 Agus bha san t-sinagag aca duine anns an robh spiorad neoghlan, is dh' eigh e
- 24 Ag radh: Ciod an comunn eadar sinn agus thusa, Iosa bho Nasareth? An tainig thu gus ar sgrios? Is aithne dhomh co thu, Aon Naomh Dhe.
- 25 Is mhaoith Iosa air, ag radh: Bi samhach, agus gabh a-mach as an duine.
- 26 'S an spiorad neoghlan ga reubadh, 's ag eigheach le guth ard, chaidh e mach as.
- 27 Agus ghabh iad uile ioghnadh, ionnus gun d' fharraid iad 'nam measg fhein, ag radh: De tha so? De an teagasg ur so? oir tha e toirt orduigh le cumhachd do na spioraid neoghlan fhein, agus tha iad umhail dha.
- 28 'Agus sgaoil iomradh air gun dail feadh duthaich Ghalile uile.
- 29 'Sa dol a mach air ball as an t-sinagog, thainig iad maille ri Seumas is Eoin gu tigh Shimoin is Anndra.
- 30 Agus bha mathair-cheile Shimoin 'na laidhe ann am fiabhras; agus dh 'innis iad dha gun dail mu deidhinn.
- 31 Agus thainig e, 'sa breith air laimh oirre thog e i is ghrad-dh' fhag am fiabhras i, agus fhreasdail i dhaibh.
- 32 'S nuair thainig am feasgar, 'sa chaidh a ghrian fodha, thug iad ga ionnsuidh iadsan uile a bha easlainteach, agus anns an robh deomhain.
- 33 'S bha am baile uile air cruinneachadh aig an dorus.
- 34 Agus leighis e moran, a bha air an leireadh le iomadh gne ghalar, agus thilg e mach moran dheomhan, 's cha do leig e leo labhairt, a chionn 's gum b' aithne dhaibh e.
- 35 'S ag eirigh ro-mhoch, 'sa dol a mach, chaidh e gu aite fas; is rinn e urnaigh an sin.
- 36 Agus lean Simon e, agus iadsan a bha comhla ris.
- 37 'S nuair a fhuair iad e, thuirt iad ris: Tha iad uile gad shireadh.
- 38 Is thuirt e riutha: rachamaid dha na bailtean sa choimhearsnachd, gus an searmonaich mi an sin cuideachd: 's gur ann air son so a thainig mi.
- 39 'S bha e teagasg 'nan sinagogan, 's feadh Ghalile uile, 'sa tilgeadh a-mach dheomhan.
- 40 Agus thainig lobhar ga ionnsuidh, a guidhe air; 'sa tuiteam air a ghluinean,thuirt e ris: Ma 's aill leat, is urrainn dhut mo ghlanadh.
- 41 'Sa gabhail truais ris, shin Iosa a lamh, 'sa beantuinn dha, thuirt e ris : Is aill leam: bi glan.
- 42 'S nuair thuirt e so, ghrad-dh' fhag an luibhre e, agus bha e air a ghlanadh.
- 43 'S thug e sparradh cruaidh dha, agus leig e air falbh e gun dail;
- 44 'S thuirt e ris: Fiach nach innis thu do neach sam bith : ach falbh, fiach thu fhein don ard-shagart, agus tairg air son do ghlanaidh na nithean a dh' orduich Maois, mar theisteanas dhaibh.
- 45 Ach air dhasan a dhol a mach, thoisich e ri innse, 's ri sgaoileadh an sgeoil; air chor 's nach b' urrainn dha a nis a dhol a stigh don bhaile gu follaiseach, ach dh' fhuirich e a mach ann an aiteachan fas, agus chrunnaich iad as gach aite ga ionnsuidh.
- 📚 Scots Gaelic (Gospel of Mark) 책 목록
- 개역개정판 (1998)로
- 개역한글판 (1961)로
- 표준새번역 (1993)로
- King James Version로
- KJV 와 나란히
- 🌐 다른 언어·판
Scots Gaelic (Gospel of Mark) — getbible.net(CrossWire SWORD 모듈)에서 가져옴 · 라이선스: 공개 도메인 (Public Domain) · 출처 ↗