마가복음 14장 Scots Gaelic (Gospel of Mark)
Scots Gaelic (Gospel of Mark) · 스코틀랜드 게일어 · 마가복음 (Mark) · 72절
- 1 A nis bha feill na casga 's an arain neo-ghoirtichte an ceann da latha: is bha na h-ard-shagairt,'s na Sgriobhaich a sireadh ciamar a ghlacadh iad e le foill, sa mharbhadh iad e.
- 2 Ach thuirt iad: Chan ann air latha na feille, eagal buaireas eirigh ma dh' fhaoidte am measg an t-sluaigh.
- 3 'S nuair a bha e ann am Bethania an tigh Shimoin an lobhar, 'sa bha e aig biadh, thainig boirionnach aig an robh bocsa alabastair de dh' ola phriseil spicnaird, 'sa bristeadh a bhocsa alabastair, thaom i air a cheann i.
- 4 A nis bha cuid a bha diumbach unnta fhein, ag radh : Carson a rinneadh am milleadh so air an ola?
- 5 Oir dh' fhaoidte an ola so reic air son corr is tri fichead sgilinn, 's an toirt do na bochdan. Agus rinn iad monmhur 'na h-aghaidh.
- 6 Ach thuirt Iosa: Leigibh leatha, carson tha sibh a cur dragh oirre? Rinn i deagh ghniomh ormsa.
- 7 Oir tha na bochdan daonnan agaibh; is faodaidh sibh math a dhianamh dhaibh, nuair a thoilicheas sibh: ach cha bhith mise daonnan agaibh.
- 8 Rinn i na b'urrainn dhi: thainig i ro-laimh a dh' ungadh mo chuirp air son an adhlaic.
- 9 Gu firinneach tha mi gradh ribh :ge b' e aite an teid an soisgeul so a shearmonachadh feadh an t-saoghail uile, gun innsear na rinn i mar chuimhneachan oirre.
- 10 Is dh' fhalbh Iudas Iscariot, fear de na dha dhiag, a dh' ionnsuidh nan ard-shagart, gus a bhrath dhaibh.
- 11 Air dhaibhsan so a chluinntinn, rinn iad toileachadh; agus gheall iad airgiod a thoirt dha. Is bha esan a siredh ciamar gheibheadh e cothrom air a bhrath.
- 12 'S air a chiad latha den aran neo-ghoirtichte, nuair bha iad ag iobradh na casga, thuirt a dheisciopuil ris: Caite an aill leat sinn a dhol, los gun deasaich sinn dhut, 's gun ith thu a chaisg?
- 13 Agus chuir e dithis dhe dheisciopuil, agus thuirt e riutha: Rachaibh a stigh don bhaile is tachraidh duine oirbh a giulan saghach uisge, leanaibh e;
- 14 Agus ge b' e aite an teid e stigh, abraibh ri fear an tighe gu bheil am maighistir ag radh: Caite a bheil mo sheomar-bidh, far an ith mi a chaisg comhla rim dheisciopuil?
- 15 Agus fiachaidh e dhuibh seomar-bidh farsuinn lan-uidheamaichte; deasaichibh an sin dhuinn.
- 16 Is dh' fhalbh a dheisciopuil, agus thainig iad dhan bhaile, agus fhuair iad mar a thuirt e riutha, agus dheasaich iad a chaisg.
- 17 Agus na thainig am feasgar, rainig e leis na dha dhiag.
- 18 Agus nuair a bha iad nan suidhe aig a bhord, 's ag ithe, thuirt Iosa: Gu firinneach tha mi ag radh ribh, gum brath fear agaibh, a th' ag ithe maille rium, mi.
- 19 Agus thoisich iadsan ri bhith muladach, 's gach aon ri radh mu seach ris: Am mise e?
- 20 Is thuirt e riutha: Se am fear den da fhear dhiag a tha tumadh a laimh comhla rium sa mheis.
- 21 'S gu deimhinn tha Mac an duine a falbh, mar a tha e sgriobhte mu dheidhinnn: ach mo thruaighe an duine sin leis am brathar Mac an duine: bu mhath dhan duine sin nach do rugadh riamh e.
- 22 'S nuair a bha iad ag ithe, ghlac Iosa aran; 's ga bheannachadh, bhrist e , agus thug e dhaibh e, is thuirt e: Gabhaibh, se so mo chorpsa.
- 23 Agus ghlac e chailis, 'sa toirt taing thug e dhaibh i; is dh' ol iad uile dhi.
- 24 Is thuirt e riutha: Si so m' fhuil-sa an tiomnaidh nuaidh a dhoirtear air son morain.
- 25 Gu deimhinn tha mi ag radh ribh, nach ol mi a so suas de thoradh na fionain, gus an latha sin air an ol mi ur e ann an rioghachd Dhe.
- 26 'S nuair a sheinn iad laoidh, chaidh iad a mach gu sliabh Olibheit.
- 27 Is thuirt Iosa riutha: Gabhaidh sibh uile sgainneal asam-sa air an oidhche nochd oir tha e sgriobhte: Buailidh mi am buachaille is sgapar na caoraich.
- 28 Ach an deigh m' aiseirigh gabhaidh mi roimhibh do Ghalile.
- 29 Ach thuirt Peadar ris: Ged ghabhadh iad uile sgainneal asad, cha ghabh mise.
- 30 Agus thuirt Iosa ris: Gu deimhinn tha mi ag radh riut, an diugh fhein air an oidhche nochd, mun goir an coileach da uair, gun aicheadh thu mi tri uairean.
- 31 Ach 'sann an sin bu dana a labhair e: Ged b' fheudar dhomh am bas fhulang maille riut, chan aicheadh mi thu. Agus an ni ciadna thuirt iad uile.
- 32 Agus thainig iad gu fearann ris an canar Gethsemani. Is thuirt e ri dheisciopuil: Suidhibh an so gus an dian mi urnaigh.
- 33 Agus thug e leis Peadar, is Seumas, is Eoin; agus bha e fo amhghar agus fo imcheist ro-mhor.
- 34 Is thuirt e riutha: Tha m' anam bronach gu ruig am bas : fanaibh an so, is dianaibh faire.
- 35 'Sa dol ceum air adhart, thuit e air an talamh; is ghuidh e, nam faodadh e bhith, gun rachadh an uair seachad air:
- 36 Is thuirt e: Abba Athair, tha a h-uile ni nad chomas, cuir a chailis so seachad orm, ach chan e nas aill leamsa, ach nas aill leatsa.
- 37 Agus thainig e, 'is fhuair e iad 'nan cadal. Is thuirt e ri Peadar: A Shimoin, a bheil thu nad chadal? nach burrainn dhut aon uair a chaithris?
- 38 Dianaibh faire agus urnaigh, chum nach tuit sibh ann am buaireadh. Tha an spiorad gu dearbh deonach, ach than fheoil lag.
- 39 'Sa falbh a rithist rinn e urnaigh, a cantuinn nam briathran ciadna.
- 40 'Sa tilleadh, fhuair e rithist iad 'nan cadal (oir bha an suilean trom), agus cha robh fios aca de a chanadh iad ris.
- 41 Agus thainig e an treas uair, is thuirt e riutha: Caidlibh a nis, agus gabhaibh fois. Foghnaidh sin: th' an uair air tighinn : seall, liubhrar Mac an duine do lamhan pheacach.
- 42 Eiribh, falbhamaid, seall, tha esan a bhrathas mi faisg.
- 43 Bha e fhathast a labhairt, nuair thainig Iudas Iscariot fear de na dha dhiag, agus moran sluaigh comhla ris le claidhean, 's le bataichean, bho na h-ard-shagairt, agus na Sgriobhaich, 's na seanairean.
- 44 Agus bh' am brathadair air comharradh a thoirt dhaibh, ag radh: Ge b' e neach dhan toir mise pog, se sin e, beiribh air, agus thugaibh leibh e gu curamach.
- 45 'S nuair a rainig e, ghrad-chaidh e ga ionnsuidh, is thuirt e: Failt ort, a Mhaighistir; agus phog e e.
- 46 Agus chuir iadsan an lamhan air, agus chum iad e.
- 47 Ach tharruinn aon den fheadhainn a bha san lathair a chlaidheamh, agus bhuail e seirbhiseach an ard-shagairt, agus ghearr e chluas dheth.
- 48 Agus Iosa a freagairt, thuirt e riutha: An tainig sibh a mach le claidhean 's le bataichean gu mise ghlacadh, mar gum bu mheirleach mi?
- 49 Bha mi a teagasg san teampull comhla ribh a h-uile latha, agus cha do ghlac sibh mi. Ach 'sann gus na sgriobturan a choimhlionadh a tha so.
- 50 An sin a dheisciopuil ga threigsnin, theich iad uile.
- 51 Ach lean duin' og araid e air eideadh le lion-anart thairis air a choluinn ruisgte; agus rinn iad greim air.
- 52 Ach esan a tilgeadh dheth an lion-anairt, theich e bhuapa ruisgte.
- 53 Is thug iad leo Iosa, thun an ard-shagairt; agus chruinnich na sagairt uile, agus na Sgriobhaich, agus na seanairean.
- 54 Agus lean Peadar e fad as, gu ruig cuirt an ard-shagairt; 's bha e 'na shuidhe maille ris na seirbhisich aig an teine, agus ga gharadh fhein.
- 55 Agus dh' iarr na h-ard-shagairt, 'sa chomhairle uile, fianais an aghaidh Iosa, gus a chuir gu bas, agus cha d'fhuair iad sin.
- 56 Oir bha moran a toirt fianuise-breige 'na aghaidh: ach cha robh an teisteanas a cordadh.
- 57 Agus bha cuid a dh' eirich suas, 'sa thog fianuis-bhreige na aghaidh, ag radh:
- 58 Chuala sinn e ag radh: Leagaidh mi an teampull so a rinneadh le lamhan, agus an tri latha togaidh mi fear eile nach d' rinneadh le lamhan.
- 59 Is cha robh an teisteanas acasan a cordadh.
- 60 Agus an t-ard-shagart ag eirigh nam miadhon, cheasnaich e Iosa, ag radh: Nach toir thu freagairt sam bith air na nithean a tha iad so a cur as do leth?
- 61 Ach dh' fhan esan na thosd, agus cha tuirt e guth. Agus dh' fharraid an t-ard-shagart dheth rithist, is thuirt e ris: An tu an Chiosda, Mac an De bheannaichte?
- 62 Is thuirt Iosa ris: Is mi; agus chi sibh Mac an duine 'na shuidhe air deas laimh cumhachd Dhe, 'sa tighinn air neoil nan speur.
- 63 An sin an t-ard-shagart a stracadh 'eididh, thuirt e: Ciod am feum thagainn tuilleadh air fianuisean?
- 64 Chuala sibh am blaisbheum: De ur barail? Dhit iad uile e mar fhear toillteanach air bas.
- 65 Agus theann cuid ri caitheamh smugaidean air, 's ri comhdach 'aodainn, 's ri bualadh dhorn air, 's ri radh ris: Faisnich; agus bhuail na seirbhisich lem basan e.
- 66 'S nuair a bha Peadair gu h-iosal anns a chuirt, thainig te de shearbhantan an ard-shagairt;
- 67 'S nuair a chunnaic i Peadar ga gharadh fhein, a gabhail beachd air, thuirt i: Bha thusa cuideachd comhla ri Iosa bho Nasareth.
- 68 Ach dh'aicheadh esan, ag radh: Chan aithne dhomh agus cha mhua tha mi tuigsinn ciod tha thu ag radh. Agus dh'fhalbh e mach gu bialaobh na cuirte, agus ghoir an coiloach.
- 69 Agus a rithist nuair chunnaic searbhanta e, thoisich i ri innse don fheadhainn a bha nan seasamh mun cuairt: 'Sann dhiu am fear so.
- 70 Is dh' aicheadh esan a rithist. Agus an ceann tacain, thuirt iadsan a bha san lathair a rithist ri Peadar: Sann dhiu thu gu cinnteach: oir is Galileach thu.
- 71 Ach thoisich esan ri mollachadh 's ri mionnachadh: Chan aithne dhomh an duine so mu bheil sibh a labhairt.
- 72 Agus anns a cheart uair ghoir an coileach a rithist. Is chuimhnich Peadar air an fhacal, a thuirt Iosa ris: Mun goir an coileach da uair, aicheadhaidh thu mi tri uairean. Agus thoisich e air gal.
- 📚 Scots Gaelic (Gospel of Mark) 책 목록
- 개역개정판 (1998)로
- 개역한글판 (1961)로
- 표준새번역 (1993)로
- King James Version로
- KJV 와 나란히
- 🌐 다른 언어·판
Scots Gaelic (Gospel of Mark) — getbible.net(CrossWire SWORD 모듈)에서 가져옴 · 라이선스: 공개 도메인 (Public Domain) · 출처 ↗